Fàilte gu duilleag-dhachaigh Ghàidhlig OpenOffice.org

Tha OpenOffice.org ri fhaotainn ann an Gàidhlig na h-Alba bho 2004.

S e 3.01 an tionndadh Gàidhlig a th’ ann an-dràsta agus tha tionndaidhean rim faotainn do Microsoft Windows, MacOS X (Gnìomh-innealan Intel a-mhàin) agus Linux (an dà chuid 32biot agus 64biot ann am pasganan DEB agus RPM)

Chaidh obair ionadachaidh OpenOffice.org a mhaoineachadh le Ionnsachadh agus Teagasg Alba às leth Riaghaltas na h-Alba tron phrògram solair An Cliath Nàiseanta airson Ionnsachaidh. Chaidh an obair leasachaidh is eadar-theangachaidh a choileanadh le Cànan Eta.

Faodaidh tu an tionndadh as ùire de dh’OpenOffice na Gàidhlig a luchdachadh a-nuas le bhith a’ briogadh air a’ cheangal airson an ùrlair agad.

Microsoft Windows
MacOSX Intel
Linux 32-bit RPM
Linux 32-bit DEB
Linux 64-bit RPM
Linux 64-bit DEB

Tha na bathair-obrach (eadar-theangachaidhean) airson pròiseict 3.01 rim faotainn bho an seo. Chaidh am briathrachas a dheasbad ’s a dhearbhadh le sàr-eòlaichean agus sgoilearan Gàidhlig agus chaidh am bathar crìochnaichte a dhearbhadh airson mathais le Ionnsachadh agus Teagasg Alba agus le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig.

Na tha san amharc don phròiseact seo. Tha sinn gu mòr airson dèanamh cinnteach gun leanar air tionndaidhean teachdail OpenOffice.org a leasachadh ann an Gàidhlig tro oidhirpean na coimhearsnachd bathair-bhuig an-asgaidh. Cha ghabh barrantas a thoirt gum faighear maoineachadh san àm ri teachd airson dreachan ùra dhen bhathar-bhog a chruthachadh. Mas urrainn dhuibh fhèin cuideachadh le leasachadh leantainneach OpenOffice.org na Gàidhlig - air dòigh sam bith, ach gu h-àraid mar eadar-theangair no dearbh-leughadair – nach leig sibh fios dhuinn.